Dhachaigh|Naidheachd|Mun Bhaile|Duilleagan Fiosrachaidh|English|Cuir Fios Thugainn
Am Baile logoComhairle na Gaidhealtachd
Rannsaich Am Baile airson...
Lorg Adhartach
A-Z CLÀR-INNSE CHUSPAIREAN
an eaconomaidh

comann

àitean

creideamh

an àrainneachd

doine

dualchas



Spòrs agus Geamannan


Ur sgeulachdan
Mo Leabhar-mhìr
Log-air an seo…

...ma tha thu clàraichte mu thràth

Neach-cleachdaidh:

Facal-faire:


Facal-faire air Dìochuimhne?>

 

Làrach air a h-ùrachadh
26 An Lùnasdal 2008
Àireamh Chunntasan
25570

  Am Baile

  Bun-bheachd agus Bun-fhiosrachadh
  Ar com-pàirtichean

Chaidh Am Baile a stèidheachadh le com-pàirteachas fo riaghladh Chomhairle na Gaidhealtachd. Còmhla ri ar com-pàirtichean, Urras Taigh Chearsabhagh agus West Highland Animation, tha sinn a' cruthachadh tasglann digiteach de dh'eachdraidh agus de dhualchas na Gaidhealtachd is nan Eilean. Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le Maoin airson Chothroman Ùra agus le taic airgid o chionn ghoirid bho Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean.

IOMAIRT na Gaidhealtachd

Chaidh an làrach a chur air bhog sa Chèitean 2003 agus tha i fhathast a' fàs. Tha cothroman ionnsachaidh ri fhaotainn do dhaoine de gach aois, comas is eachdraidh le bhith a' tarraing còmhla stuth a tha gun shamhail agus a bha doirbh faighinn thuige roimhe seo. Tha sinn ga chur an cèill ann an dòigh a tha inntinneach is furasta a làimhseachadh. Tha Am Baile làn dhealbhan, leabhraichean is sgrìobhainnean nach eil cumanta à tasglainn, leabharlainn, taighean-tasgaidh is cruinneachaidhean prìobhaideach, ealan an latha an-diugh, fiolmaichean, geamannan eadar-ghnìomhail agus coimigean.

Stòr na Gàidhlig

Tha e na phrìomh amas aig pròiseact A' Bhaile dualchas na Gaidhealtachd is nan Eilean a chur an cèill sa Ghàidhlig, agus e bhith na stòras ùr do dh'fhileataich agus do luchd-ionnsachaidh. Faodar an làrach a chleachdadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Tha roghainn ann an cànan atharrachadh uair sam bith.

  Castle Urquhart

Dealbhadh agus Teicneòlas le Precedent