Sheas siostam a' chinnidh air Ghàidhealtachd gus an t-17mh linn. Bha am fearann air a ghleidheadh gu coitcheann. Bha na fir-cinnidh ag àiteach an cuid fearainn gus biadh a chumail riutha fhèin 's an teaghlaichean, agus bha dìlseachd làidir dhan chinneadh gan ceangal ri chèile.
Ach ron 18mh linn bha siostam a' chinnidh air tòiseachadh air briseadh fo bhuaidh fiùdalachd. Bha an siostam fiùdalach a' toirt sealbh don rìgh air an fhearann gu lèir agus dh'fhaodadh e a bhuileachadh air a luchd-leantainn airson seirbheis a bheireadh iad dha. Thàinig an ceann-cinnidh gu bhith na uachdaran agus thòisich e air raointean mòra fearainn a thoirt air mhàl do dh'fhir-taca, am prìomh luchd-gabhaltais aige. Bheireadh iadsan an uair sin fearann air mhàl do dh'fho-mhàladairean. Thàinig an còrr dhen t-sluagh gu bhith nan coitearan gun fhearann idir.
Mar a dh'èirich àireamh an t-sluaigh chuir seo cuideam air an fhearann. Dh'fheumadh dòighean àiteachais a bhith air an leasachadh, ach an gabhadh barrachd bidhe fhàs. Dh'fheumadh oighreachdan a bhith nas prothaidiche. Mar sin, chaidh na màil suas. Gus àite a dhèanamh do thuathanachasan chaorach agus frìthean chaidh na màladairean fhuadach do na h-oirthirean, far an robh feum air luchd-obrach airson buain ceilp agus iasgach. Rinn na h-uachdarain lotan beaga ris an cante croitean dhan luchd-obrach seo, ach dh'fhaodadh iad an croitearan fhuadach aig àm sam bith. Ann am meadhan an 19mh linn chaill iad am buntàta uile agus rinn a' ghort cùisean na bu mhiosa. Thàinig air tòrr eilthireachd a dhèanamh.
Thòisich na croitearan air strì a dhèanamh airson còirichean laghail air an fhearann air an robh iad a' crochadh agus thàinig an iomairt gu buil le Achd nan Croitearan ann an 1886. Thug seo dìon dhaibh bho fhuadachadh le còir-gabhaltais.
Leugh an earrann agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Dè an diofar as motha eadar mar a bha am fearann air a ghleidheadh fo shiostam a' chinnidh agus fon t-siostam fhiùdalach?
-
Cuir crìoch air na seantansan a leanas - tagh am facal ceart bhon 'bhogsa fhaclan'.
- Neach aig an robh sealbh air raointean mòra air Ghàidhealtachd, b' e sin ......................
- Am prìomh neach-gabhaltais aige, b' e sin ......................
- Neach aig an robh pìos beag fearainn air mhàl bhon phrìomh neach-gabhaltais, b' e sin ......................
- Neach gun fhearann idir, b' e sin......................
coitear fear-taca uachdaran fo-mhàladair


