Am Baile logo Back to the Main site
Image

Ceàirdean na Gàidhealtachd

1. Obair-ceàird

priont an duilleag seo

Dh'fheumadh a' mhòr-chuid de dhaoine ann an sgìrean iomallach iomadh ceàird ionnsachadh. Cha robh sglèatair, saor no muileann chlòimhe faisg air làimh dhan deigheadh tu ann an àm èiginn. B' iad na daoine beartach a mhàin a b' urrainn luchd-ceàirde o thaobh a-muigh na sgìre fhastadh. Fiù 's an-diugh bidh an croitear tric a' càradh an taighe agus a' bhàta aige fhèin, agus bidh bean an taighe a' fighe dhi fhèin.

B' e an gobha am fear-ceàirde a bu chudromaiche ann an coimhearsnachd Ghàidhealach. Na obair chuireadh e cruidhean air eich, agus dhèanadh e innealan meatailt airson àiteachais agus innealan eile airson gnìomhachas an iasgaich. Am measg an luchd-ciùird bha breabadairean, greusaichean, tàillearan, cùbairean, fir-togail bhàtaichean, saoir-chuibhlean, saoir, clachairean agus obraichean acfhainn eich. Bhiodh mòran cheàrdan a' siubhal air feadh na Gàidhealtachd, a' cruthachadh am pàtranan toinnte fhèin ann an airgead.

B' e an tughadair am fear-ceàirde sgileil ann an togail-thaighean. Rinn boireannaich soithichean sìmplidh le crèadh. Bha figheadairean bhasgaidean sgileil ann an àitean far an robh seileach pailt. Bha innealan còcaireachd agus bainne air an dèanamh a rèir feumalachdan na sgìre. Rinn na boireannaich tòrr obair throm co-cheangailte ris an dachaigh. Tha e air a ràdh gun do ghiùlain bean croiteir, tràth san linn a dh'fhalbh, bolla coirce (mu 140punnd no 60 cileagram) bho Dhiabaig dhan Rubha Dhearg, astar sia mìle thairis air frith-rathad fìor gharbh!

Bha snìomh, breabadaireachd agus fighe air fad nan ceàirdean sgileil, mar a bha a bhith a' cleachdadh dhathan nàdarrach ann an clò. Ron 18mh linn, dh'èirich gnìomhachas beag proifeiseanta sa Ghàidhealtachd a bha a' fighe clò airson a chumail ri na rèiseamaidean Gàidhealach.

Leugh an teacs agus an uair sin freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Carson a dh'fheumadh daoine ann an sgìrean iomallach iomadh ceàird ionnsachadh?
  2. Cò am fear-ceàirde a bu chudromaiche anns a' choimhearsnachd agus carson?
  3. Dè cho earbsach 's a tha an teisteanas gun do 'rinn na boireannaich tòrr obair throm co-cheangailte ris an dachaigh'?
  4. Dè thug togail do ghnìomhachas fighe an tartain?
2. Fighe bhasgaidean