Am Baile logo Back to the Main site
Image

Creideamh

1. Cùirn Chlàbhalaig

priont an duilleag seo

Thàinig an dealbh seo bho 'The Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland' vol.3

Tha Càirn Clàbha faisg air Inbhir Nis ri taobh Abhainn Nàrann. 'S e tiùrr chlachan a th' ann an càrn. Chaidh na càirn seo a thogail timcheall air seòmraichean tiodhlacaidh cruinn.

Tha dà chàrn tìodhlacaidh ann le trannsaichean a' sealltainn gun iar dheas, taobh dol-fodha na grèine an teis-meadhan a' gheamhraidh. A bharrachd air sin tha càrn cruinn ann agus cearcall thursachan timcheall air.

'S ann den linn Nuadh-chreagach anmoch a tha an làrach, mu 2000RC, àm nuair a bha adhradh do shinnsirean glè chudromach.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacsa agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Carson a chaidh na càirn seo a thogail?
  2. Dè tha an taobh a tha na trannsaichean a' ruith a-steach dha na seòmraichean tiodhlacaidh ag innse mun tràth chreideamh aca?
  3. Dè th' ann an adhradh do shinnsirean'?
2. Ro Chriosda