Am Baile logo Back to the Main site
Image

Hiort

1. Hiort

priont an duilleag seo

'S e eileanan Hiort a' chuid as iomallaiche de Bhreatainn. Tha iad 41 mìle (66km) an iar air Beinn a' Bhaoghla. 'S e ainmean nan eileanan Hiort (am fear as motha), Sòdhaigh, Boraraigh agus an Dùn. Bha muinntir Hiort a' dèanamh a h-uile càil dhaibh fhèin. Bha iad a' pàigheadh a' mhàil le coirce is eòrna a bha iad fhèin a' fàs agus a' glacadh eòin-mhara. Seach nach robh rathad ann a' Hiort, bhiodh na Hiortaich a' giùlan a h-uile càil air an druim agus bhiodh iad a' siubhal eadar na h-eileanan ann am bàtaichean beaga.

B' i a' Ghàidhlig a bha na Hiortaich a' bruidhinn agus bha iad a' fuireach ann an sreath de thaighean-tughaidh air an t-Sràid. Bha cleitean (togalaichean beaga, cruinn) cloiche air feadh an eilein airson a bhith a' stòradh mòine agus biadh. Bha iad ag ithe mòran eòin-mhara. Bhiodh iad aca ùr nan sèasan fhèin agus air an sailleadh an còrr dhen bhliadhna. Bhiodh iad a' glacadh nam fulmairean is nan sùlairean mus sgèitheadh iad. Bhiodh iad a' glacadh nam buthaigirean nuair a bhiodh iad air fàs mòr le slatan-eunachd no ribe. Cha robh iad ri mòran àiteachais oir bha an samhradh goirid agus cha bhiodh am bàrr ach truagh.

A bharrachd air a' bhàillidh a bhiodh a' tadhal uair sa bhliadhna, b' ann le 'long Hiortach' a bhiodh na daoine a' dèanamh ceangal ris an t-saoghal a-muigh. B' e pìos fiodha le toll ann a bha seo agus bhiodh na Hiortaich a' cur litir ann, sgillinn airson stampa agus not ag iarraidh air an duine a lorgadh i a postadh. Shadadh iad an 'long' dhan mhuir nuair a bhiodh a' ghaoth on iar-thuath agus, mar bu thrice, thigeadh i air tìr an àiteigin ann an Alba.

Mar a bha an 19mh linn a' dol seachad, bha barrachd is barrachd ceangail aig na Hiortaich ris an t-saoghal a-muigh. Chaidh eaglais is mansa a thogail airson ministear tràth san linn agus chaidh sgoil a thogail ann an 1884. Ann an 1877, thòisich an SS Dunara Castle a' tadhal Hiort as t-samhradh. Ach chrìon àireamh an t-sluaigh air sgàth tinneis agus seach gun robh biadh gann. Mu dheireadh, ann an 1930, dh'iarr na 36 duine a bha air fhàgail a bhith air an gluasad gu tìr-mòr.

Ann an 1931, chaidh Hiort a reic ri Marcais Bhòid aig an robh ùidh mhòr ann an eòin. Thug esan eileanan Hiort do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba ann an 1957. San aon bhliadhna, chomharraich Comann Glèidhteachais Nàdair (Dualchas Nàdair na h-Alba a-nis) Hiort mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta. Cuideachd ann an1957, chaidh pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do Mhinistrealachd an Dìon mar stèisean-lorgaidh ràdair airson raon nan urchraichean ann am Beinn a' Bhaoghla. An-diugh, 's e Hiort an t-àite-tuineachaidh as cudromaiche san Roinn Eòrpa airson eòin-mhara.

Leugh an earrann agus freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Càite bheil Hiort?
  2. Dè an t-ainm a tha air na togalaichean beaga cloiche san dealbh agus carson a bha iad?
  3. Dè bu mhotha bhiodh na Hiortaich ag ithe?
  4. Mìnich ciamar a bha na Hiortaich a' cur litrichean air falbh.
  5. Carson a bha na Hiortaich ag iarraidh an t-eilean fhàgail ann an 1930?
  6. Carson a tha Hiort ainmeil an-diugh?
2. Pàrlamaid Hiort