Cha robh sgìrean bheanntan mar a' Ghàidhealtachd an-còmhnaidh air am faicinn mar àitean brèagha, ach mar àitean dèisinneach agus borb, 'horrid and rude'. San 18mh linn ged-tà bha corra neach-siubhail air aire dhaoine a tharraing gu sìth agus bòidhchead sgìrean bheanntan mar a' Ghàidhealtachd. Sgrìobh leithid Sheumais Boswell agus an Dr MacIain, Màrtainn Màrtainn agus Tòmas Pennant gu cridheil mu na tursan aca tron Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus bhrosnaich iad feadhainn eile gus an ceumannan a leantainn. Mu dheireadh, chuir teachd na Bànrigh Bhictòria às do dh'ìomhaigh bhorb na Gàidhealtachd agus dh'fhàs oighreachdan mòra seilg bitheanta. Dh'fhosgail na rathaidean-iarainn a' Ghàidhealtachd cuideachd agus leudaich na ciad bhailtean turasachd no spàthan aig cinn-rèile m.e. Dòrnach, Craoibh agus Srath Pheofhair.
Gu mì-shealbhach chuir Tallachan Ciùil an 19mh linn an dreach fhèin air sealladh an luchd-turais air a' Ghàidhealtachd agus 's e bhuil gu bheil daoine air am beò-ghlacadh le tartan, taigeis, uilebhèistean Loch Nis, ceò Albannach agus meanbh-chuileagan. Ach tha a' mhòr-chuid de luchd-turais à thall-thairis air am bualadh le sìor-chaochladh seallaidhean na Gàidhealtachd agus a h-àilleachd àibheiseach. Càite eile am faigh luchd-turais mìltean de thràighean gun mhilleadh leithid thràighean na Hearadh; mòralachd nam beann os cionn Gleanna Comhann, Gleann Seile no Gleann Toirbheartan; air neo iomadachd fiadh-bheatha a tha toirt a-staigh na h-iolaire buidhe, fèidh, bèist-dhubh agus bradan?
A dh'aindeoin measalachd na sgìre, tha daoine ag aithneachadh gu bheil iomallachd, aimsir neo-earbsach agus càileachd an fhèin-fhiosrachaidh uile nam feartan a tha a' toirt buaidh air àireamhan luchd-turais. Tha gnìomhachas an turasachd ràitheil agus tha tuarastail na lùib air am meas ìseal, ach tha buidhnean Turasachd a' feuchainn ri piseach a thoirt air seo. Tha iad air amas air Gàidhlig, biadh, fàsach agus sloinntearachd uile mar chùiltean margaidheachd a leudaicheas an seusan. Bidh tairgsean sònraichte mach-à-seusan cuideachd a' cuideachadh le leudachadh an t-seusain.
Leugh an teacs agus an uair sin freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Ciamar a bha a' Ghàidhealtachd air a faicinn ron 18mh linn?
- Cò chuidich ri atharrachadh a thoirt air an tuigse a bh' aig daoine air a' Ghàidhealtachd?
- Dè a' ghnàth-ìomhaigh a tha aig daoine mun Ghàidhealtachd?
- Dè tha 'cùil mhargaidheachd' no 'niche marketing' a' ciallachadh?
- Ainmich trì dòighean anns a bheil buidhnean Turasachd a' feuchainn ri seusan na turasachd a leudachadh.


