Am Baile logo Back to the Main site
Image

Na Siùbhlaichean

1. Na 'Siùbhlaichean'

priont an duilleag seo

'S e treubh gluasadach a th' ann an Siùbhlaichean na Gàidhealtachd. Bha an dòigh-beatha aca sìmplidh, a' siubhal bho bhaile gu baile am measg an t-sluaigh shuidhichte agus a' fuireach ann an teantaichean. Bhiodh iad a' faighinn obair mar luchd-ceàird ag obair le tiona, a' reic bathar, a' malairt eich agus ag iasgach airson neamhnaidean a bharrachd air a bhith nan luchd-reic agus a' toirt fearas-chuideachd agus naidheachdan dha na sgìrean. Bhiodh iad cuideachd a' dèanamh obair ràitheil air tuathanais a' cuideachadh leis an fhogharadh agus a' buain dhearcan.

Tha dlùth cheangal eadar Siùbhlaichean na Gàidhealtachd agus na Gàidheil dhùthchasach. Tha ainmean bho na fineachan Gàidhealach air mòran de theaghlaichean nan Siùbhlaichean mar Stiùbhart, Dòmhnallach, Camshron agus Mac a' Mhaoilein. A dh'aindeoin sin, tha iad air an aithneachadh mar threubh eadar-dhealaichte bhon t-sluagh shuidhichte. Ann an Gàidhlig tha iad air an ainmeachadh mar na Ceàrdan, no luchd-ceàird, no na 'Ceàrdannan Dubha' no mar na 'Coisichean Samhraidh'. Mar sin, tha Siùbhlaichean na Gàidhealtachd air a bhith nam pàirt eadar-dhealaichte de dhualchas, de chomann agus de dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd fad linntean.

Ged a tha fuil nan Tiopsaidh ann an cuid de theaghlaichean Shiùbhlaichean na Gàidhealtachd, tha eòlaichean dhen bheachd gu bheil e nas dualtaiche ceanglaichean ginteil agus eachdraidheil ri Siùbhlaichean na Gàidhealtachd a lorg eadar na Lapps ann an Lochlainn, muinntir cheann a tuath Shiberia agus Inuit Chanada. Ach chan eil e idir soilleir cò às dìreach a thàinig Siùbhlaichean na Gàidhealtachd bho thùs.

Chan eil teagamh sam bith nach robh Siùbhlaichean na Gàidhealtachd cudromach ann a bhith a' gleidheil seann dualchas na Gàidhlig. A bharrachd air a bhith a' malairt ann am bathar is seirbheisean, 's ann mar luchd-gleidhidh seann dòigh seinn, sgeulachdan agus beul-aithris na Gàidhealtachd a bha na Siùbhlaichean cho sònraichte ann an dòigh-beatha na Gàidhealtachd.

Tha dualchas cànain nan Siùbhlaichean a' gabhail a-steach seòrsa de Ghàidhlig ris an canar 'Beurla-reagaird'. Bha iad a' cleachdadh seo mar a bha na Tiopsaidhean a' cleachdadh Ròmanais mar dhòigh air an gnothaichean a chumail dìomhair bho dhaoine nach aithnicheadh iad - agus tha e co-cheangailte ris an dual-chainnt a bha aig Siùbhlaichean ann an Èirinn ris an canar Shelta.

Tha an dòigh-beatha dhualchasach air crìonadh air sgàth cuideam a bhith air na Siùbhlaichean iad fhèin a dhèanamh suas ri dòigh-beatha an latha an-diugh. Feumaidh seòladh suidhichte a bhith agad airson cothroman cosnaidh agus cùisean meidigeach agus sochairean sòisealta. Sguir a' mhòr-chuid de theaghlaichean dhen t-siubhal anns na 1950an. Tha a' mhòr-chuid dhen fheadhainn nach do ghabh ri dòigh-beatha shuidhichte a-nis a' fuireach ann an carabhan no air làrach-campachaidh shònraichte leis a' Chomhairle. Tha daoine a bha ag obair le meatailt a-nis ag obair ann an gnìomhachas seann mheatailt; tha luchd nan each ann an gnìomhachas a' tarraing bathar le làraidhean. Thathar a' meas gu bheil nas lugha na 2,000 Siùbhlaiche is Tiopsaidh fhathast beò 'air an rathad' ann an Alba an-diugh.

Leugh an earrann agus freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Cò às a thàinig Siùbhlaichean na Gàidhealtachd bho thùs?
  2. Dè an dòigh anns an do chuidich Siùbhlaichean na Gàidhealtachd le bhith a' gleidheadh dualchas na Gàidhlig?
  3. Dè a' phàirt a bha aig Siùbhlaichean na Gàidhealtachd ann an eaconamaidh na Gàidhealtachd (i.e. dè an obair a bha aca)?
  4. Thoir iomradh air mar a tha dòigh-beatha Siùbhlaichean na Gàidhealtachd air atharrachadh bho na 1950an.
2. An Dùthaich Bhog