Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

A' cleachdadh na làraich-lìn seo

Dux Medal

Cùram Gnothaichean Prìseil an Teaghlaich

Anns gach dachaigh tha rudan luachmhor no rudan bu chaomh leinn a chumail airson na linn ri teachd. Anns a' chumantas 's ann air pàipear a tha iad, clàradh breith, clàradh pòsaidh, lìtrichean, pàipearan mu dhaoine a bha ann an seirbheis an Rìgh no na Ban Rìghe a thuilleadh air pàipearan cuimhneachaidh eile mar nithean à pàipearan naidheachd, cairtean 's mar sin air adhart.

Am measg ghnothaichean prìseil eile mar dheilbh an teaghlaich, obair ghrèis agus obair ealain, gu mì-fhortanach, tha cuid stuth a bhreothas thar ùine.

Tha seo follaiseach uaireannan anns an dòigh seo:
Na Dathan ag atharrachadh; mar phàipearan naidheachd a thèid fhàgail faisg air uinneig!
Na Dathan a' fàs ciar; mar aodach ag atharrachadh a dhreach.

Nuair a dh'atharraicheas an dath tha atharrachadh ceamaigeach air, co-dhiù mas ann à pàipear no aodach a tha e air a dhèanamh. Ri linn seo faodaidh e bhith ann an cunnart breòthadh.

Nuair a thathas a' làimhseachadh rudan tric mar deilbh agus pàipear, tha iad ann an cunnart. Ma thèid an stòradh gu cùramach gabhaidh an tasgadh airson iomadh linn. Tha cuid de phàipear a mhaireas bliadhnaichean agus a dh'fhàsas nas luachmhoire mar a tha an ùine a' dol seachad. Seasaidh cuid de phàipear airson linntean agus tha cuid eile a thuiteas às a chèile agus nach seas 10 bliadhna.

Seo stiùireadh airson a bhith a' coimhead an dèidh dhealbhan agus phàipearan luachmhor

Riàghailtean Cùraim

'S e an dòigh as sàbhailte agus as saoire gun cuir thu rudan ann an àrainneachd a ghlèidheas iad. Tha obair glèidhteachais cosgail agus seo an dòigh air an glèidheadh:

Na bi gan làimhseachadh

Tha salainnean agus ola air na corragan agad, agus tha seo a' toirt buaidh air cho searbh 's a tha am pàipear. Bheir seo buaidh air uachdar nan dealbh. Bu chòir an cur ann an cèis phlastaig a chì thu troimhe. Faodar am faicinn gun suathadh annta. Faodar na cèisean PVC a cheannach ann am bùth stuthan taic nan oifis. Tha iad saor ach chan fhiach iad airson rud a chumail ùine fhada. Tha iad a' dol a dhìth agus rè uine tha iad a' cruthachadh stuth ceamaigeach a nì cron air na tha nam broinn.

Na bi a' pasgadh rudan

Bu chòir pàipearan agus deilbh a bhith air an stòradh mar a tha iad. Tha am pasgadh a' dèanamh cròn agus sracaidh iad. Tha an slìob-ola air a'phàipear a' falbh agus thèid ìomhaigh nan dealbh a mhilleadh.

Na bi a' cleachdadh teip airson rud a chumail ri chèile

Gach teip a thathas a' dèanamh an-diugh, eadhan an fheadhainn a tha ag ràdh gu bheil iad freagarrach airson na h-obrach seo, tha iad a' fàgail sglèo rubair a' leantainn ris a' phàipear. Tha seo a' fàgail an glaodh a' briseadh sìos agus a' fàgail làrach. Tha seo a' dol a-steach dhan a' phàipear. Tha e duilich an teip a thoirt far dealbh a-rithist.

Thoir air falbh iarann sam bith a tha na chois

Gu h-àraidh na h-innealan a bhios a' ceangal rudan ri chèile.Tha iad a breothadh agus fàgaidh iad làrach.

Thoir air falbh na bannan rubair

Tha na bannan seo a' leaghadh ann an ùine glè ghoirid. Tha seo a' fàgail fuigheall a tha duilich a ghlanadh.

Glèidh rudan ann an àite tioram nach eile ro theth

Feumar deilbh agus stuthan pàipeir a chumail air falbh bho theas. 'S e an teas as fheàrr airson pàipeir eadar 15°C - 18°C agus bruthainneachd da rèir de 45 - 55%RH, mar eisimpleir tioram agus fuar (%RH a' bhruthainneachd anns an èadhar anns a' cheud) Ma tha e ro bhlàth, no ma tha cùs fuarachd anns an èadhar, fàsaidh clòimh liath agus tarraingidh e biastagan.

Glèidh a h-uile càil anns an dorchadas. 'S e an t-aobhar, gu bheileas a' cumail phàipearan prìseil agus dealbhan anns an dorchadas no solas ìseal, gu bheil solas os-bhìolait ann an solas an latha, gu h-àraidh ann an solas na grèine a bheir buaidh airpàipear. Fàsaidh an dath ciar, agus thèid na dathan an ceann a chèile agus breothaidh e.

Rudan le stùr. Tha stùr a' milleadh uachdar rud sam bith agus bheir e buaidh air rud ann an uine glè ghoirid. Bu chòir a thoirt air falbh le brùis mhìn mas tèid càil a ghlèidheadh

Milleadh nam biastagan

Tha iomadh seòrsa biastaig a dh'itheas tro phàipear, leabhraichean agus aodaichean. Cum sùil gheur air rud a tha thu a' glèidheadh gun fhios nach fhaigh iad grèim. Nì clòimh liath agus biastagan milleadh mòr. Tha beathaichean eile mar reudan ag ithe na cèir air uachdar a' phàipeir. Tha daolagan eile ris an còrd àite far a bheil fuarachd.

Cothroman airson a stòradh.

Bu chòir an cur gun am pasgadh, ann am bucas làidir le pàipear gun stuth ceamaigeach; dh fhaodaist a chur eadar na duilleagan cuideachd. Bhiodh seo math airson rudan frionasach.

Bu chòir an cur ann an cèis air leth. Tha na cèisean ann an iomadh cumadh freagarrach airson pàipearan naidheachd agus cairtean

TUILLEADH FIOSRACHAIDH

Seo laraich-lìn a bhios feumail:

www.resource.gov.uk
Comhairle nan Taighean Tasgaidh, Stòras Tasglann agus Leabharlainn ; tha barrachd fiosrachaidh an seo air coimhead an dèidh rudan prìseil mar leabhraichean, glainne, aodaichean agus dòighean glèidhidh.

www.nmpft.org.uk
Taigh Tasgaidh Nàiseanta nan Dealbh, Fiolm agus Telebhisean. Tha stiùireadh an seo air seòrsaichean dhealbhan eadar-dhealaichte a ghlèidheadh 's an stòradh.

www.scottishmuseums.org.uk
Comhairle Taigh Tasgaidhean na h-Alba: tha billeagan fiosrachaidh rim faighinn an seo air dòighean glèidhidh pàipeir, deilbh agus stuthan glèidhidh.

www.preservationequipment.com
Stuthan glèidhteachais agus stuthan tasglainn rim faighinn an seo. Cèisean , pàipear gun stuthan ceamaigeach , bucais airson tasglainn.

www.conservation-by-design.co.uk
Stuthan glèidhteachais agus stuthan tasglainn Cèisean, pàipear gun stuthan ceamaigeach , bucais airson tasglainn.

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2008 Am Baile/The Gaelic Village