
|
Trèana aig Stèisean a' Chaoil |
|||||||||||||
|
|
LINN: 1930an SGÌRE: Taobh an Iar Dheas Rois SIORRACHD/PARAISTE: ROS:Loch Aillse TABHARTAICHE: William J Ramsay AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Duncan Macpherson (photographs) DEALBHADAIR: Duncan Macpherson |
||||||||||||
|
Tha maighstir an stèisein, 's dòcha Mghr. MacUilleam, a' cur fàilte air dràibhear na trèana aig stèisean Chaol Loch Aillse. Nuair a ràinig an earrann mu dheireadh den loidhne rèile à Inbhir Nis Caol Loch Aillse ann an 1897, thàinig an cidhe agus an stèisean gu bhith ann an teis meadhain beatha na coimhearsnachd. Fad bhliadhnaichean, bha an loidhne rèile a' crìochnachadh ann am Port an t-Sròim, far am biodh na trèanaichean a' falamhachadh, agus gus sIùbhal nas fhaide an iar bha na daoine agus an cargu gan luchdachadh air bòrd bhàtaichean smùid agus eathraichean. Aon uair 's gun deach crìoch air loidhne a' Chaoil, cha robh ann am Port an t-Sròim ach dìreach stad eile, agus dh'atharraich teis meadhain na h-othail gun Chaol, a dh'fhàs gu bhith na cheann-uidhe a bha trang agus cudromach ÀIREAMH AITHNE: PC_RAMSAY_007
Faodar an dealbh seo a cheannach. Faigh a-mach mun neach-togail-dhealbh - Donnchadh Mac a' Phearsain Lorg barrachd fios air Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse air duilleag Ar Com-pàirtichean |
|||||||||||||
|
|
|
|
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: