
Fàilte gu leabharlann didsiotach aig 'Am Baile'.
Tha an teacsa gu lèir à leabhraichean inntinneach mun Ghàidhealtachd is na h-Eileanan rin leughadh air an sgàilean. Tha goireas ùr ann a thionndaidheas duilleagan airson do chuideachadh a' dol o dhuilleig gu duilleig dìreach mar a dhèanadh tu le leabhar.
Bithear a' cur tuilleadh ris a' chruinneachadh gu cunbhalach.
'Stiùireadh a thaobh Boghadh' le Scott Skinner
Tha `Stiùireadh a thaobh Boghaidh' a chaidh a chur ri chèile le J. Scott Skinner, mar mheasgachadh de leabhar teagaisg fìdhle, leabhar-làimhe boghaidh agus aithris a tha beachdail ach gràdhach dha dhùthaich. Chaidh fhoillseachadh an toiseach timcheall air 1900, agus thàinig e gu bhith na stiùireadh gun choimeas a thaobh stoidhle dhual-nàdair an Taobh an Ear air dòighean boghaidh.
Eachdraidh an Dealachaidh. Hiort
Bha Hiort cho iomallach 's nach robh ministear a' tadhal air na daoine uabhasach tric. Chaidh an Dotair Dòmhnallach à Urchardainn, ministear soisgeulach ainmeil, dhan eilean a shearmonachadh, is bha buaidh iongantach aige air na daoine.
Eachdraidh an Dealachaidh. A' Ghàidhealtachd
'Annals of the Disruption; with extracts from the narratives of Ministers who left the Scottish Establishment in 1843', leis an Urr Tòmas MacGilleDhuinn
Eachdraidh an Dealachaidh. Comainn na Mnathan
Chaidh Comann nam Ban ann an Dùn Eideann a stèidheachadh ann an 1850. Bha e airson sgoiltean na h-Eaglaise Saoire a stèidheachadh sa Ghàidhealtachd.
Eachdraidh an Dealachaidh. Na Daoine
Bha Achd Chùl-taic 1712 a' feuchainn ri siostam cùl-taic a thoirt air ais gu Eaglais na h-Alba. Bha obair chruaidh air thoiseach air An Eaglais Shaor, oir bha aca ri eaglaisean, mansaichean, sgoiltean is ministearan fhaighinn airson nan coithionalan uile.
Bha buidheann de shearmonaichean neo-chlèireach ann air an robh 'na daoine'. B' e searmonaichean siùbhlach a bh'annta, gun mòran foghlaim mar bu trice, ach fìor eòlach sa Bhìoball.
Club Leughaidh Bhàideanaich
Seo earrann à geàrr-chunntas on chiad choinneamh aig Club Leughaidh Bhàideanaich.
Caisteal Bhaile Mhic Cathain Leabhran Reic
Ann an 1945, chaidh Oighreachd Bhaile Mhic Cathain a roinn ann an 192 lotaichean, a chaidh a reic aig rup. Chaidh leabhran a sgrìobhadh a' toirt seachad fiosrachadh mionaideach mu na lotaichean sin dha duine sam bith aig an robh ùidh ann an ceannach.
Prògram Oidhche Bhurns, 28 Faoilleach 1905
Chaidh Comann Cinnidhean Albannach Lunnainn a stèidheachadh ann an 1898. B'e fear de na prìomh amasan aige a bhith a' cur chuirmean-ciùil agus chruinneachaidhean sòisealta air dòigh gus faireachdainn Albannach a bhrosnachadh am measg a bhallrachd. Is e seo am prògram airson cuirm-chiùil a chaidh a chumail leis a' chomann anns an Albert Hall air 28 Faoilleach 1905 gus Oidhche Bhurns a chomharrachadh.
Iris Eaglais na h-Alba Pharraist Cheann a' Ghiuthasaich
Tha Iris Eaglais na h-Alba Pharraist Cheann a' Ghiùthsaich anns a' Ghiblein 1917 a tòiseachadh le litir o mhinistear a' Pharraist, D MacPhàrlain. Tha e a' sgrìobhadh mu shuidheachadh a' pharraist, a tha ag atharrachadh air sgàth 'dochann is sàrachadh' a' Chiad Chogaidh.
Tuiteam Drochaid Nis, 26 Faoilleach 1849
Chaidh Drochaid Nis, an drochaid a' dol tarsainn Abhainn Nis anns an robh seachd boghannan, a sguabadh air falbh ann an tuiltean anns an Fhaoilleach 1849. Chaidh an litir seo bho chruinneachadh Alasdair Ghrannd a sgrìobhadh mun àm a chaidh an drochaid a sguabadh air falbh.
Prògram Cuirm-chiùil 1905, la' sealltainn Scott Skinner
Air 25mh Giblean 1905 chaidh `Cuirm-chiùil Mòr na Càisge' a chumail ann an Talla a' Bhaile sa Phort a Deas, air a chur air adhart le Uisge Taigh Rockley. Chluich Seumas Scott Skinner, an sgrìobhaiche ciùil agus am fìdhlear à Alba, aig a' chuirm-chiùil còmhla ri a mhac, Manson.
Bun-stèidh Chomhairle Baile Ùr an t-Slèibh 1906
Ceòl dannsa, Hopwood & Crew
Tha an leabhar 'Hopwood & Crew's Eighth Book of Quadrilles, Waltzes, Galops, Polkas, Etc.' na phàirt den chruinneachadh aig Alasdair Grannd. San leabhar tha ceòl fìdhle, a tha air an cur air dòigh airson dannsa le Carlo Minasi.
Rèile Aotrom Dhòrnach
Prògram - 'Fosgladh Rèile Aotrom Dhòrnach. Diluain 2mh Ògmhios 1902'.
Dùn Neachdainn, o shean is an-diugh
Eachdraidh ridireachd Dhùn Neachdainn, a bh' aig teaghlach 'ic an Tòisich airson 400 bliadhna.
Iris Coimhearsnachd Dùthchail Ghleann Urchadain
Bho 1952, tha Comann Coimhearsnachd Ghleann Urchadain air a bhith a' toirt a-mach litir-naidheachd, le fiosrachadh mun choimhearsnachd agus mu nìthean eachdraidheil.
Seallaidhean de leabhran an Eilein Sgìtheanaich
San leabhran bhig seo tha ochd ìomhaighean de dhiofar àiteachan san Eilean Sgìtheanach còmhla ri ro-ràdh goirid mun eilean air taobh a-staigh a' chòmhdaich aghaidh, agus iomradh goirid eile mun àm a chuir am Prionnsa Teàrlach Èideard Stiùbhart seachad san sgìre às dèidh Cùil Lodair.
Ciad Aithisg Bhliadhnail an HIDB
Chuireadh Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean air bhonn fo Achd Leasachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (Alba) 1965.
Clàr-ama Rèile na Gaidhealtachd, 1918
Ann an 1903, bha siostam Chompanaidh Rèile na Gaidhealtachd deiseil, le mu 506 mìle de rèile. A thuilleadh air seirbheisean ionadail, bha a' Chompanaidh a' toirt choidsichean is chairtean bathair le companaidhean eile gu tuath à Peairt.
Armachd Ghàidhealach
Ann an 1970, dh'fhoillsich an Comunn Gaidhealach leabhran goirid mu armachd Ghàidhealach.
'History of Strathspeys and Reels'
Chaidh an leabhran seo, 'History of Strathspeys and Reels' le Anndra Mac an Tòisich a thoirt dha Alasdair Grannd leis an ùghdar. Chaidh a chlò-bhualadh às ùr bho 'Gnothaichean Comann Gàidhlig Inbhir Nis, 1914'.
Òraid-choisrigidh Àrd-ollamh Cheiltis Oilthigh Dhùn Eidinn
Rinn Àrd-ollamh MacFhionghain an òraid seo nuair a chaidh a choisrigeadh gu Cathair Eòlais Cheiltich aig Oilthigh Dhùn Eidinn
Oibrichean-uisge Chinn a' Ghiùthsaich
Mion-chomharrachadh (specifications), bho 1906, airson oibrichean-uisge a bha r'a thogail an Ceann a' Ghiùthsaich. 'S e J Wedderspoon, Innleadair, an Caisteal, Inbhir Nis, a rinn an clàr, is tha e a' toirt liosta mhionaideach den obair is de na stuthan air am biodh feum
Litir (1773) o Iain Alves, Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh, Dùn an Naoimh Sheòrais, India, duilleag
Tha an sgrìobhainn seo o'n 28mh den Fhaoilleach 1773. 'S e seo litir o Iain Alves ann an Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh aig Dùn an Naoimh Sheòrais anns Na h-Innseachan (Fort St. George, India). Bha Uilleam (1737-1782) air fhasdadh mar oifigear airm de Chompanaidh Bhreatannach Taobh Sear Nan Innseachan.
Litir (1775) o Iain Alves, Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh, Dùn an Naoimh Sheòrais, India
Tha an sgrìobhainn seo o'n 16mh den Ghiblean 1775. 'S e litir o Iain Alves ann an Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh aig Dùn an Naoimh Sheòrais anns Na h-Innseachan a th' ann.
Litir (1777) bhon Fho-cheannard Alasdair Godsman, Dùn Eathain gu Còirneal Bàillidh, Madras, Na h-Innseachan
Tha an sgrìobhainn seo o'n 15mh den Damhair 1777. 'S e seo litir on Fho-cheannard Alasdair Godsman, Dùn Eathain gu Còirneal Bàillidh à Dùn Eathain, ann am Madras, Na h-Innseachan. Tha iomradh ann air mòran chuspairean cudthromach na Gàidhealtachd, mar leasachadh air tuathanasan agus mu na Fuadaichean.
Litir (1854) o Iseabal 'icAonghais gu Anna Bhàillidh mu Fhloireans Nightingale
Tha an sgrìobhainn seo o'n 21mh den Dùbhlachd 1854. 'S e seo litir o Iseabal NicAonghais à Inbhir Lìte, Dùn Eideann, gu piuthar a h-athar, Anna Bhàillidh.
Litir mun rathad-iarainn aig a' chompanaidh Marmor an Eilein Sgitheanaich Earr
Tha am fear a sgrìobh na litreach seo na bhall ann an Institiùd nan Innleadairean Sìobhalta agus na Stiùiriche air Marmor an Eilein Sgiathanaich Earranta. Thòisich Marmor an Eilein Sgitheanaich Earranta a' cladhach anns an t-Srath a' cleachdadh luchd-obrach às a' Bheilg ann an 1904. Greis an dèidh sin thog iad rèile a bha a' ceangal na cuaraidh ann an Cille Bhrìghde ri cidhe an Ath Leathainn.
Prògram Cuirm-chiùil Comann Lunnainn Sgìre Inbhir Nis
Chaidh Comann Lunnainn Sgìre Inbhir Nis a chur air bhonn ann an 1881 gus foghlam litreachail, sòisealta agus carthannach a bhrosnachadh san rìoghachd. Chaidh a' chuirm-chiùil airson iad a bhith 'Coming of Age', a ghabh àite air an 3mh Iuchar 1902 ann an Talla na Banrighinn, Ionad Langham, Lunnainn, a chumail gus airgead a thogail a thaobh thabhartasan oilthigh dha gillean à Sgìre Inbhir Nis, agus gus club a stèidheachadh dha fir òga bhon Ghàidhealtachd a' tighinn a Lunnainn.
Riaghladh Oighreachdan fearainn na Gàidhealtachd
'S e cruinneachadh de dh'aistean a nochd anns an 'Inverness Courier' a th'anns an leabhar seo. Bha an cruinneachadh ag amas air co-cheannachd, cultar is tuath na Gàidhealtachd a leasachadh.
Màiri NicPhàil, sgrìobhadh cùramach
'S ann le Màiri NicPhàil, Clas V, a bha an leabhar-sgoile seo. Air duilleag aghaidh an leabhair tha 'for careful writing see within' sgrìobhte. Anns an leabhar, tha Màiri air leth-bhreacan de dhàin a dhèanamh anns an sgrìobhadh as fheàrr aice.
Maoin Phort a' Choltair
'Third Report to the Committee for Managing the Meikle Ferry Fund' (Dòrnach, 5mh den t-Samhainn 1811)
Ministearan an Dealachaidh
'Annals of the Disruption; with extracts from the narratives of Ministers who left the Scottish Establishment in 1843', leis an Urr Tòmas MacGilleDhuinn
Àireamhan moraltachd Ghaidhealtachd is Eileanan na h-Alba
'Moral Statistics of the Highlands and Islands of Scotland, compiled from returns received by the Inverness Society for the Education of the Poor in the Highlands.'
Ceannairc anns An Fhreiceadan Dnubh
'Narrative of the Mutiny in the Black Watch in 1743, compiled by His Grace the Duke of Athole, K. T., from the original proceedings of the General Courts-Martial ...', air fhoillseachadh le Iain Christie à Peairt ann an 1893.
Seann shlighean - slighean thar na dùthcha agus "Slighean cistidh" ann an Iar Thuath na Gàidhealtachd
Sgrìobh A E MacDhonnchaidh, Ceann-suidhe Buidheann Slighean na h-Alba leabhar-iùil mu na slighean ann an Gàidhealtachd na h-Alba.
Leabhran bho People's Journal de dh' Òrain Nàiseanta
B' e am People's Journal fear de na h-irisean seachdain a nochd ann an Alba às dèidh cur às don Chìs Stampa anns ns 1850an.
Athchuinge Iain MacGillEathain à Boraraigh
Tha an t-athchuinge oifigeil seo ag innse mu mhiann Iain MacGillEathain dearbhadh gur ann leis a tha eilean Bhoraraigh is fearainn eile ann an Uibhist a Tuath.
Mu Fhoillseachadh Bàrdachd Oisein sa Chiad Nòs
Rugadh Seumas Mac a' Phearsain ann am Bàideanach ann an 1736. Fhuair e foghlam ann an Obar Dheathain is Dùn Eideann, is bha tàlant aige airson bàrdachd. Ann an 1760, dh'fhoillsich e 'Fragments of Ancient Poetry' air eadar-theangachadh on Ghàidhlig, is dà bhliadhna an dèidh sin dh'fhoillsich e 'Fingal, an Ancient and Epic Poem', a sgrìobh Fingal, mac Oisein, a-rèir coltais.
Aithisg air ìre Rathad Thròndairnis aig an àm a chaidh a thogail
Litir ag innse mun adhartas a thathas a' deànamh air Rathad Throndairnis anns an Eilean Sgitheanach ann an 1817.
Aithisg air Milleadh a chaidh a dhèanamh air Amar-Uisge a' Ghlinne Mhòir, 1849
Ag innse mun mhilleadh a rinn na tuiltean air a' 24mh & agus 25mh Faoilleach, 1849.
Aithisg mu Eilean Leòdhais leis an Urr Mgr Headrick
'Aithisg mu Eilean Leòdhais leis an Urr Mgr Headrick, ann an litir chun an t-sealbhadair, Morair Shìophoirt Urramach'.
'Account of Improvements' le Sir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair
Ann an 1812, chlò-bhuail Bòrd an Àiteachais (Lunnainn) 'General view of the agriculture of the county of Caithness' le mapaichean agus eàrr-ràdh mu Shir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair, fon ainm 'An Account of The Improvements carried on by Sir John Sinclair, Bart., on his Estates in Scotland'.
'Miscellaneous Papers' le Sir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair
Eadar 1807 agus 1816, chuir Sir Iain Mac na Ceàrdaich an clò sreath de "Phàipearan Measgaichte" air caochladh chuspairean anns an robh ùidh aige, agus gus fois a ghabhail o na sgrìobhaidhean troma aige.
Something from the Gold Diggings in Sutherland
Leabhran air a bheil "Something from the Gold Diggings in Sutherland" leis an Dtr Iain Brown, 20 Giblean 1869. Tha cunntas anns an leabhran mun chladhach-òir ann an Cataibh anns na 1860/70an.
Aithisg air na taighean-aoidheachd
Seo aithisg a chaidh a dhèanamh do Thriath Chlann Dòmhnaill a thaobh nan taighean-aoigheachd air an oighreachd aige.
Slighe Shrath Nabhair, An Sgeulachd air Cruth-tìre ann an Ceann a Tuath na Gàidhealtachd
Is e sgìre ann an ceann a tuath na h-Alba a th' ann an Srath Nabhair.
Seann Teaghlach Urramach Chalder
Tha an làmh-sgrìobhainn a' tòiseachadh le: 'Seo teaghlach cho sean is cho ainmeil 's a bha anns a' Cheann a Tuath'. Tha e air a cheangal le dealbhan de dhathan-uisge de chaisteal Chaladair is caistealan eile, ann an leabhar ann an cruinneachadh Fhriseil-Mhic an Tòisich ann an Leabharlann Inbhir Nis.
Àrd-eaglais Ghallaibh ann an Dòrnach
Bho chaidh a thogail anns an 13mh linn, tha Àrd-eaglais Dhòrnach air atharrachadh a thaobh an togallaich fhèin agus a thaobh a' bhuidhinn creidimh a bha ga cleachdadh. Seo an duilleag còmhdaich de leabharan a chaidh fhoillseachadh aig toiseach na 20mh linn, far an robhar ag innse mu eachdraidh an togallaich.
The Clans of the Scottish Highlands
Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.
Clàr-bathair airson reic Oighreachd Sgiobail, 1890
Tha 'Mr Carnegie's copy' sgrìobhte air mullach an duilleag-aghaidh.
Lusan ann am parraist is sgìre Chrothaidh
Pàipear air luibh-eòlas Chrothaidh, le liosta de 360 seòrsa, leis an Urr. Tòmas Friseal à Crothaidh.
Freumhan Gàidhlig ann an ainmean ionadail
Tha an earrann seo bho leabhar 3 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club agus tha Alasdair MacCoinnich a' bruidhinn air na freumhan Gàidhlig ann an ainmean àite ann an sgìre Inbhir Nis
Leabhar-bliadhna Gleann Urchadain
'S e leabhar goirid a th' ann an 'Glenurquhart Past and Present', agus tha ainmean nan cuspairean nan comharra air na tha deanamh baile Ghleann Urchadain na chomharra air àite agus eachdraidh.
Boineid Iteach nan Rèisimeidean Gàidhealach
B' e boineid iteach pàirt de thrusgan saighdeir ann an Rèisimeid Ghàidhealach anns na 1880an. Cha robh a' bhoineid ach aig na Rèisimeidean Gàidhealach, ach bha cunnart gun dèigheadh clogaid, mar a bh'aig na rèisimeidean Breatannach eile, a chur na h-àite. Chaidh iomadh argamaid a dhèanamh air taobh nam boineidean air sgàth seo. Tha an aiste seo de litrichean is de dh'aithisgean a' sealltainn cuid de na h-argamaidean.
Murt nan Rosach
Poileis a' fuadach luchd-màil à Greenyards, Srath Carrann an aghaidh an toil ann an 1854.
An Turas Armailteach dhan Eilean Sgiathanach
Chaidh an litir seo a sgrìobhadh gu Sir Uilleam Vernon Harcourt Uasal BP, Rùnaire na Stàite Roinn na Dùthcha. Tha e a' toirt iomradh air co-dhùnadh a chaidh a dhèanamh san t-Samhainn 1884 gus saighdearan a chur dhan Eilean Sgiathanach a bhiodh a' dèiligeadh ri croitearan neo-rianail.
Seallaidhean na h-Alba
Rugadh Sir Gilleasbaig Geikie ann an Dùn Eideann ann an 1835. Ann an 1865, dh'fhoillsich e 'The Scenery of Scotland, viewed in connexion with its physical geology'. Thuirt e gur e 'the first attempt to elucidate in some detail the history of the topography of a country'
Am Fìdhlear Albannach, J. Scott Skinner, 1900
Ann an 1900 dh'fhoillsich Bayley & Fearghasdan, foillsichearan à Glaschu,'The Scottish Violinist', cruinneachadh de fhuinn thraidiseanta agus ùr air an sgrìobhadh agus air an rianachadh le Skinner, airson cluiche fìdhle aon-neach gun taic ciùil.
Òrain is Laoidhean Ghaidhealtachd na h-Alba
Chaidh 'The Songs and Hymns of the Scottish Highlands' le Lachlann MacBheathain fhoillseachadh ann an 1888. Tha an leabhar ann an dà phàirt - cràbhach is saoghalta.
The Woollen Trade in Wick
leabhran air a bheil "The Woolen Trade in Wick by J.M. A Visit to Harrow Wool Mill" phàipear naidheachd an Northern Ensign, bho 9 is 16 Sultain 1902
Fosgladh Cuimhneachan-cogaidh Ghleann Feisidh
Òrdugh an t-Seirbhis airson Fosgladh is Coisrigeadh a' Cuimhneachan-cogaidh aig Gleann Feisidh
Prògram Cuimhneachaidh Banrigh Sgadain inbhir ùige 1938
Prògram cuimhneachaidh Cuirm Crùnaidh is Caismeachd Càrnabhail Banrigh Sgadain Inbhir Ùige, 23 Iuchar 1938
Prògram Cuimhneachaidh Banrigh Sgadain inbhir ùige 1950
Prògram cuimhneachaidh Cuirm Crùnaidh is Caismeachd Càrnabhail Banrigh Sgadain Inbhir Ùige, 1950
Leabhar-sgrìobhaidh Uilleim Chaimbeil
Bhuineadh an leabhar do dh'Uilleam Caimbeul à Dealgros agus bhiodh e ga chleachdadh airson obair sgrìobhaidh.
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2009 Am Baile/The Gaelic Village