
Anns gach paraiste Gàidhealach tha seann làraich, togalaichean uasail, togalaichean iriseal, làraich far an robh còmhstri, ainmean-àite sònraichte agus sgeulachdan gu leòr ag innse mu eachdraidh agus dòigh-beatha an àite. Tha an t-eadar-obrachadh eadar an sluagh agus an t-àite anns a bheil iad beò a' toirt mothachadh dhaibh air an àite a tha gam fàgail le buinteanas ris.
A' fàgail làrach air àite
Chaidh an fhianais a bu tràithe air tuineachadh a chaidh a lorg le arceòlaichean gu ruige seo a chladhach air Eilean Ruma, is tha e a' dol air ais mu 9000 bliadhna. On uair sin tha slòigh eadar-dhealaichte (nam measg Lochlannaich, Cruithnich, Gàidheil agus Nòrmanaich) air tuineachadh sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus tha iad air an làrach fhèin fhàgail air a' chànan, air ainmean-àite, ainmean chinnidhean, tobhtaichean agus carraighean eile. Tha caistealan, dùin, cùirn sheòmarach, tursachan agus togalaichean co-cheangailte ri creideamh air feadh an àite.
'Àite' ann an ainm
Tha cho neònach 's a tha ainmean-àite a' cur ri caractar àite cuideachd. Jemimaville, Meallan Udraigil, Taigh Iain Ghròt, Airceil, Meall Fuar-Mhonaidh, am Monadh Liath, Trondairnis, Eilean nam Muc, Eige, Ruma agus Canaigh - chan eil an sin ach grunnan de na mìltean ainmean-àite a bhios a' cur ri annasachd na Gàidhealtachd. Bidh rannsachadh air na freumhan aca a' toirt am follais mòran mu eachdraidh agus gnè an àite.
'Àite' ann am bàrdachd agus òrain
Bidh bàrdachd agus òrain Ghàidhlig cuideachd a' toirt gu cuimhne mothachadh air àite. Tha mòran eisimpleirean ann de bhàrdachd nàdair, mar 'Moladh Beinn Dòbhrain' le Donnchadh Bàn, 'Òran an t-Samhraidh' le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus 'Òran na Comhachaig' le Dòmhnall MacFhionnlaigh.
Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh -
Batey, Colleen
The Viking Age in Caithness
Gourlay, Robert B.,'Before the Vikings: The pre-Norse Background in Caithness' pp 111-119
Hunter, James
Scottish Highlanders
Matheson, William
Highland Surnames
Inverness: An Comunn Gaidhealach, 1973
Batey, Colleen E.
'Viking and late Norse Caithness: The Archaeological Evidence'
Proceedings of the Tenth Viking Congress, ed. James E. Knirk,Oslo, 1987, pp 131-148
Hunter, James
On the Other Side of Sorrow
Withers, Charles W.J.
'Place, Memory, Monument: Memorialising the Past in Contemporary Highland Scotland'
Ecumume, vol. 3, no. 3, July, 1996, pp 325-44
Armit, Ian
The Archaeology of Skye and the Western Isles
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: